

Dannsa-ceum
Tha sinn air ar dòigh gu bheil dannsa ceum againn mar chlas: chan fhaic thu cho tric e ann an Alba latha an diugh, ach tha e mar phàirt cudromach den cultar againn. Tha dannsa ceum a ceangal gluasad le ruitheam, agus mar sin a' leasachadh tuigse air buille agus tomhas-ama. 'S e clas togarrach, ach furasta a th'ann airson bun-eòlas a thogail, agus beagan fealla-dhà!
Anns na clasaichean seo, bidh muinnitr P4 - S2 ag ionnsachadh puirt ùra fhad 's a tha iad ag obair ann am buidheann. Tha buidheannan measgaichte math airson sgilean èisteachd agus cluich còmhla a' leasachadh. Togaidh am buidheann seo am misneachd agus eòlas ciùil aca, agus a bharrachd air sin 's e deagh cothrom a th' ann caraidean ùr a' lorg!
Ionnsramaidean Measgaichte
'S e fìor deagh toiseach tòiseachaidh a th'ann an fìdeag airson clas 2/3. 'S e dòigh furasta a th'ann puirt, anail agus 'ornamentation' ionnsachadh dhaibh, leis am beachd gun lean iad orra gu ionnsramaidean eile anns na bliadhnaichean ri thighinn. Leis gu bheil e sìmplidh, 's e fìdeag an dòigh as fheàrr misneachd a thogail anns a' chlann a thaobh ceòl aig an aois òg seo.
Fìdeag
Tha seinn aig cridhe feallsanachd nam Fèis, agus leis a sin tha e cudromach dhuinn gum bi a h-uile duine a' seinn! Tha buannachdan ann, a leithid togail air sgilean cànan agus ceòl, agus tuigse fhaighinn air cultar agus eachdraidh. Ionnsaichaidh na clann òrain cèilidh, a bharrachd air puirt à beul, agus an dà chuid òrain tradiseanta agus ùr-nòsach le gluasad, geamaichean agus spòrs. Cha bhith prìomhachas air comas neo foirfeachd, ach air tlachd fhaighinn às, agus ceangal nas dlùithe a thogail le cultar agus cànan na Gàidhlig!