Ceistean Cumanta
Cuin a tha an Fhèis am-bliadhna?
Bidh i a’ gabhail àite ann an saor-làithean na Càisge. Tha Fèis Mheadhan C1-3 agus Fèis C4-7 a’ ruith bho 10am-3pm gach latha. Tha diofar seiseanan ann airson Fèis Bheag (fo aois-sgoile), thèid dhan chlàr againn airson fhaicinn na diofar seiseanan a tha ri fhaotainn.
Eisimpleir de chlàr-ama – Fèis Mhòr C4-7
10.00 - 10.50: 1d Roghainn
10.50 - 11.15: Òran na Fèise
11.15 - 11.35: Break
11.35 – 12.25: 2na Roghainn
12.25 - 13.20: Lunch
13.20 – 14.10:3mh Roghainn
14.10 – 15.00: 1d Roghainn
Càit a bheil i a’ tachairt?
Tha sinn gu bhith stèidhichte ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 147 Sràid Berkeley.
Dè dh’ fheumas sinn a thoirt leinn?
Bheir leat snac agus botal-uisge.
Am toir thu ionnsramaidean dhuinn?
Bheir. Tha a h-uile càil againn airson nam bùitean-obrach. Ach, ma tha ionnsramaid agad fhèin, faodaidh tu sin a thoirt leat airson cluich.
Ceist eile?
Cuir teachdaireachd gu feisghaidhligghlaschu@gmail.com
Poileasaidhean
Gheibhear gach poileasaidh aig Fèisean nan Gàidheal airson luchdadh a-nuas air an ceangal gu h-ìosal. Bidh poileasaidhean air an aontachadh leis a’ Bhòrd-stiùiridh ach tha iad fo sgrùdadh leantainneach aig amannan iomchaidh. Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh nam poileasaidhean no beachdan air na th’ againn an seo leigibh fios thugainn.
feisean.org/fiosrachadh/poileasaidhean/
Tha e na amas cudromach aig Fèisean nan Gàidheal gum biodh tachartasan na buidhne agus nam Fèisean fosgailte do gach neach. Ma tha fiosrachadh a dhìth air Fèis sam bith mu na ghabhas dèanadh gus feumalachdan gach neach a ruighinn agus mu thaic airson seo a thoirt gu buil, leigibh fios dhan Oifigear Leasaichaidh agaibh anns a’ chiad dol a-mach.