top of page

Upcoming Events

  • 09mh Gibl 2024, 09:45 – 12mh Gibl 2024, 15:00
    Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 147 Sràid Berkeley, Finnieston, Glaschu G3 7HP, RA
    Tha Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a' ruith eadar 10m - 3f air an 11mh - 14mh den Ghiblean. Tha Fèis Mheadhan airson oileanaich C1-3, agus tha Fèis Mhòr airson oileanaich C4-7.
    Share
  • 11mh Gibl 2023, 10:15 – 14mh Gibl 2023, 12:00
    Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 147 Sràid Berkeley, Finnieston, Glaschu G3 7HP, RA
    Tha Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a' ruith bho 10m - 3f air an 11mh - 14mh Giblean. Tha Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a’ cur fàilte bhlàth air òigridh Ghlaschu gus pàirt a ghabhail ann an tachartasan ciùil, cànain agus cultar na Gàidhlig.
    Share
  • 11mh Gibl 2023, 10:00 – 14mh Gibl 2023, 15:00
    Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 147 Sràid Berkeley, Finnieston, Glaschu G3 7HP, RA
    Tha Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a' ruith eadar 10m - 3f air an 11mh - 14mh den Ghiblean. Tha Fèis Mheadhan airson oileanaich C1-3, agus tha Fèis Mhòr airson oileanaich C4-7.
    Share
  • 11mh Gibl 2023, 13:00 – 14mh Gibl 2023, 15:00
    Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 147 Berkeley St., Finnieston, Glasgow G3 7HP, UK
    At FGG we aim to provide the best musical and cultural experiences for Gaelic speaking kids in Glasgow. But we don’t leave the grown ups behind! This year we’re offering a programme of free experiences for adults each afternoon, rich in learning about the Gaelic language and culture and rich in FUN!
    Share

Tha Fèis Ghàidhlig Ghlaschu 2023 a’ tachairt air an 11mh-14mh den Ghiblean.

Clàraich an seo!

Tha sinn ag amas air taghadh farsaing a lìbhrigeadh airson sgoilearan, le ealain, dràma agus diofar ionnsramaidean traidiseanta nam measg. Theirig chun an duilleag-chlàraidh againn airson na taghaidhean air fad fhaicinn am bliadhna.

Tha Fèis Ghàidhlig Ghlaschu fosgailte do phàistean a tha a’ dol tro GME a’ mhàin an dràsta. Tha e fosgailte gu ìre ionnsramaid sam bith, chan fheum eòlas a bhith agad ro-làimh.

Cosgais
Fèis Mheadhan (C1-3) and Fèis Mhòr (C4-7):
£
£85 airson gach pàist, £75 airson gach pàist a bharrachd.

SANAS: Airson pàist a bharrachd, brùth sìos air 'view more price options' airson lasachadh prìse a lorg mus lìon thu am foirm

Tha reataichean lasachaidh cuideachd ri fhaighinn airson daoine a tha deònach obair saor-thoileach a dhèanamh tron tachartas

Fèis Bheag - fo-aois sgoile:
Saor an asgaidh, ach feumaidh tu clàradh gach latha a tha thu ag iarraidh a bhith an sàs ann

Tha sinn ag obair gu cruaidh gus cothrom a chumail fosgailte don òigridh air fad agus tha sinn fortanach maoineachadh poblach fhaighinn airson taic a chumail ris na tachartasan againn. Tha àiteachan aig na tachartasan againn a’ faighinn subsadaidh far an gabh sin dèanamh le fìor chosgais gach àite tòrr nas àirde.

Chan eil ach àireamh bheag de dh’àiteachan làn-mhaoinichte aig na tachartasan againn airson sgoilearan le còir air biadh-sgoile an-asgaidh no teaghlaichean air teachd a-steach ìosal. Cuir teachdaireachd thugainn aig feisghaidhligghlaschu@gmail.com airson a' bruidhinn mu àiteachan làn-mhaoinichte.

bottom of page